Mar bu tric bhiodh dà bhalach òg còmhla ri Murchadh anns an eithear, agus a bhliadhna bha siud b'iad sin Dòmhnall MacFhionghuin agus Seòras MacRath. Bha na giomaich pailt gu leòr, ach cha robh prìs orra mar a th'ann an-diugh. Gun teagamh, chan eil an giomach ach gann air a'chladach ud a-nis, ma tha e idir ann.
Co-dhiù a' mhadainn a bha seo 's i a' fàs fiadhaich, bha na fir deiseil gus feuchainn air Steòrnabhagh a reic nan giomach. Bha an eithear am beul na mara agus Seòras is Murchadh 'na cois, ach thàinig fios nach robh Dòmhnall a' dol ann, gu robh an là ro chunnartach. Nuair a chuala Murchadh seo thionndaidh e ri Seòras, "Sheòrais, sàth a-mach i. Tha anam againn fhìn a cheart cho math 's tha aig Dòmhnall aca-san."
Bha a' ghaoth a-muigh a deas is i a' togail a cinn. Bha an eithear fo sheòl. Nuair a bha iad a' dol a-steach Loch Steòrnabhaigh, 's iad mun taigh-sholais, ghabh an eithear droch cnap mara às a dèidh, ach rinn iad an cidhe dheth gu sàbhailte. Dh'fhàs an aimsir cho dona 's gun tàinig orra an oidhche chur seachad ann a Steòrnabhagh. Bha Seòras a riamh a' cumail a-mach gun tug an cnap mara ud atharrachadh air Murchadh.
Greis às dèidh sin 's e nis 'na shaor, chaidh Seòras a chèilidh air Murchadh. "Sheòrais, is math gu faca mi thu," ars esan, "Tha fiodh math agam, agus 'sann a ni thu leabaidh dheth". 'S abair fiodh cuideachd giuthas dearg. Thoisich Seòras air a leabaidh. "Murchaidh" ars esan, "chan eil bòrd-slios agad". "Chan eil, a Sheòrais", fhreagair Murchadh, "tha am bòrd-slios a-steach bun an loch leis an tìde-mhara."
Sann bhàrr na mara bha Murchadh air am fiodh a thogail. Bheireadh Murchadh a bheachd seachad ann an còmhradh goirid geur. 'S dòcha nach fhaicear a sheòrsa tuilleadh bho dh'fhalbh an taigh-cèilidh 's bho thàinig an telebhisean. 'Se call a th'ann gu bheil tòrr dhe na thubhairt e a-nis air dìochuimhne.
A-rèir Thoreau bha fiosrachadh air leth aig na h-lnnseanaich Ruadha agus gun teagamh bha sin aca, gu h-àraidh a thaobh beatha is bàs. An e cho faisg 's a bha iad air fìor ghnè an duine an t-adhbhar gu robh iad mar sin?
Bha am beatha sìmplidh. Chanainn fhìn gur h-ann às a sin bha am fiosrachadh ag èirigh. Ach chan eil an sin ach mo bheachd fhìn.
Chì sinn, ge ta, anns an iomradh a bheir mi air an ath bhodach, gu robh am fiosrachadh sin a-measg nan Gaidheal cuideachd. 'Se piuthar mo sheanmhar am boireannach a tha air a h-ainmeachadh anns an iomradh seo. |
Bookmark with:
What are these?