Càite?
Tha obair mhòr air a bhith ga dèanamh ann an trì sgìrean sònraichte o chionn beagan is trì bliadhna agus tha toradh nan iomairtean sin a-nis nochdte ’sna coimhearsnachdan fa leth.
Bhon Ghearran 2001, tha Chrisella Ross air a bhith a’ saothrachadh làn-ùine fo sgèith Pròiseact nan Ealan Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar. Tha a h-oidhirpean is a dealas agus an tàlant foghainteach a-measg an t-sluaigh air tòrr mòr misneachd is ùidh a bhrosnachadh bho Cheann Bharraigh gu Sùlaisgeir.
Tha deasaich air a bhith a’ tadhal mu thuath, tuathaich air sgrìoban a thoirt gu deas, buidhnean-òigridh Sradagan air a bhith cèilidh air gaisgich an àite is air a’ chèile, tha Comainn Eachdraidh nam boil, pàrantan a’ caitheamh bhuapa nan leabhraichean aig àm chur na cloinne a chadal, seanairean is seanmhairean gan ceasnachadh gu bonn am bròg, sgeulaichean bho Thir Mòr air am beartas fhosgladh do mhuinntir nan Eileanan, seanachaidhean bho na h-Eileanan air luach an eòlais a chur an cèill do chloinn is inbhich nam bailtean, agus san Iuchar 2003 ann am Washington, USA.
Sin direach blasad de dh’ obair Chrisella a tha sìor dhol am feabhas. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le grunn bhuidhnean poblach ionadail agus le taic shònraichte bho SAC National Lottery Access and Participation Scheme. Anns a’ Mhàrt 2003, fhuaireadh brath gun do shoirbhich le tagradh airson dà bhliadhna eile de leasachadh. ’S i Chrisella a bhios a’ cur nam plànaichean sin an gnìomh agus tha e mar phrìomhachas thar an dà bhliadhna a tha roimpe, na ’s urrainn de bhuidhnean is tachartasan a tha air tighinn air adhart cho mòr a stèidheachadh gu tur ‘air an casan fhèin’.
Ann an DùnEideann, Glaschu is Obair Dheathain ghabh pròiseact air a bheil Sgeulachdan a’ Bhaile tro oifigear-leasachaidh Noeleen Ni Cholla ceumannan mòra eadar An Lùnadal 2002 agus An Gearran 2003. B’ e rùn na h-obrach seo, brosnachadh is co-òrdanachadh a thoirt air na bha tachairt mar-tha, sgeulaichean ùra a lorg agus bunait-leasachaidh na bu treasa fhàgail as a deaghaidh. Chaidh aig Noeleen air sin uile a choileanadh. Nist an àite tuilleadh dhen aon seòrsa leasachaidh, thathar an dràsda ag amas air Club Gàidhlig a chur gu dol, an toiseach an DùnEideann, far am faodadh daoine tighinn ann can uair sa mhìos is Gàidhlig a chluinntinn is a bhruidhinn ri chèile. Chuireadh an club air dòigh tachartasan inntinneach tro mheadhan na Gàidhlig. ’S ioma sgeulachd a dh’ èireas gu nàdarra às a’ sin ma shoirbhicheas leis.
Air Ghàidhealtachd, an sgìre Rois, tha Fèis Martinmas air taic-airgid a bhuannachd airson pròiseact air a bheil The Merry Dancers a ruith thar dà bhliadhna bho earrach 2003. Togaidh Bob Pegg, an oifigear a bhios an sàs ann, air an obair phrìseil a tha e fhèin is Màiri Nic Artair air a bhith strì gu dùrachdach ris, o chionn còrr air còig bliadhna - sin a bhith a’ clàradh is a’ toirt gu aire an t-sluaigh dualchas luchd-siubhail na Gàidhealtachd. Bidh Bob gu h-àraid trang an dlùth-dhàimh ri Ailig Iain Mac Uilleim aig a bheil saoghal bràth de sgeulachdan is naidheachdan is òrain ri thoirt seachad sa Ghàidhlig cho math ris a’ Bheurla. |
Bookmark with:
What are these?