07 May 2008
Air Disathairne 24mh Cèitean, bidh Ceòl ’s Craic (club oidhche Gàidhlig Ghlaschu) a’ comharrachadh àirdean cruthachail litreachas na Gàidhlig, agus tàlant ar bàird, sgrìobhadairean nobhailean is sgeulachdan goirid Gàidhlig. Nam measg, tha Ceol ‘s Craic fìor thoilichte innse gum bi na sgrìobhadairean is na bàird a leanas an làthair: Anna Frater, Rody Gorman, Griogair Labhraidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Fionnlagh MacLeòid, Aonghas MacNeacail, agus Tormod MacGill-Eain. A’ leantainn len dealais airson obrachadh tro chruthan-ealain Gàidhlig, tha Culture & Sport Glasgow a’ cur an tachartais litreachail ùr Ghàidhlig seo– Leabhar ‘s Craic, air chois, a’ chiad fhèis litreachail Ghàidhlig, ann an com-pàirt le Comhairle nan Leabhraichean, is iad ag amas air an tachartas dearbhaidh seo a leasachadh gu bhith na thachartas stèidhte ann an cùisean nan ealan Gàidhlig sa bhaile.
‘S e fèis litreachail fad-latha dhan teaghlach uile a bhios ann an Leabhar ‘s Craic, aig dachaigh àbhaisteach Ceòl ‘s Craic’s, Centre for Contemporary Arts (CCA). Faodaidh clann bùthan-obrach ann an aithris sgeulachdan is ealain a fhrithealadh, fhad ‘s a bhios inbhich a’ gabhail pàirt ann an clasaichean airson sgrìobhadh cruthachail is bàrdachd, beachdachadh phannail air Boireannaich ann an litreachas na Gàidhlig, ro foillseachadh leabhar ùr Fhionnlaigh MhicLeòid is dìnnear buffet.
Tòisichidh an club oidhche Gàidhlig, Ceòl ‘s Craic, mar as àbhaist aig 8f ach le blas làidir litreachail air a’ mhìos seo agus le mòran de sgrìobhadairean tachartas an latha. Gun teagamh ‘s iongantach mur e an taisbeanadh ciùil de eadar-theangachaidhean Rody Gorman air obair Dylan prìomh thachartas na h-oidhche. O chionn ghoirid chuir Rody iongnadh is thug e tlachd do fhacal na Gàidhlig le eadar-theangachaidhean de dh’òrain Bob Dylan leithid Knocking on Heaven’s Door, Carina Carina agus All along the watchtower is mòran eile. Bidh e a’ taisbeanadh cuid de bhàrdachd Dylan agus bidh còmhlan à Glaschu a’ seinn is a’ taisbeanadh nan òran sa Ghàidhlig. Còmhla ri Gorman agus bàird Ceòl 's Craic tha grunn luchd-ciùil leithid Griogar Labhraidh air a bheil fèill mhòr . ‘S e seinneadair traidiseanta, pìobaire is sgrìobhadair ciùil airson na pìoba is sgrìobhadair òrain/bàrdachd a th’ ann an Griogar agus tha dualchas pìobaireachd taobh Siar na Gàidhealtachd air a bhith san teaghlach aige airson iomadh linn.
Gheibhear tiocaidean bho CCA aig prìs £12.50 airson latha slàn, a’ gabhail a-steach bùthan-obrach, taisbeanaidhean oidhche agus blasad-bidhe. Tha lasachaidhean rim faighinn cuideachd mar thiocaidean fa leth airson prògram an latha is na h-oidhche. Fòn gu 0141 352 4900 no rach gu myspace airson tuilleadh fiosrachaidh.
Prògram Leabhar ‘s Craic Disathairne 24mh Cèitean – bho 1f gu anmoch @ CCA 0141 352 4900
Geàrr-chunntas a’ Phrògraim Tiocaid Latha 1-2.45f Bùth-obrach ann an Sgrìobhadh Cruthachail 3-5pm Bùth-obrach ann am Bàrdachd 5-6.30 Beachdachadh Pannail: Boireannaich is Litreachas na Gàidhlig 6.30 – 8 Foillseachadh Leabhair (Fionnlagh MacLeòid) agus Dìnnear Buffet
Tachartasan Chloinne 1-5f (bidh deochan is blasadan bidhe ri fhaighinn) • Seisean Aithris Sgeulachdan • Bùth-obrach Ealain • Film ann an taigh-cluich CCA
Tachartas an Fheasgair 8f Film – Bàrd Mhealboist
9f Griogar Labhraidh, Bàird Leabhar ‘s Craic, & Bob Dylan Griogar Labhraidh ‘S e seinneadair traidiseanta Gàidhlig, a bhios a’ seinn ann an stoidhle nan Eilean a Deas gu ìre mhòr, a th’ ann an Griogar Labhraidh. Tha e cuideachd na phìobaire is bidh e a’ sgrìobhadh ceòl pìoba agus òrain/bàrdachd agus buinidh e do dhualchas pìobaireachd taobh Siar na Gàidhealtachd, dualchas a th’ air a bhith san teaghlach aige airson iomadh linn. Tha an comas teicnigeach is na rèiteachaidhean mothachail de cheòl traidiseanta air a’ ghiotàr na phrìobh phàirt de obair.
Rody Gorman Rugadh Rody Gorman ann an Baile Àtha Cliath, Èirinn ann an 1960 agus tha e a-nis a’ fuireach san Eilean Sgitheanach ann an Alba. Tha e air iomadh cruinneachadh bàrdachd fhoillseachadh agus tha e air a bhith ag obair mar sgrìobhadair còmhnaidheachd ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach agus ann an Colaiste Oilthigh Cork, agus tha e na fhear-deasachaidh den chruinneachadh bliadhnail de bhàrdachd Ghàidhlig Albannach is Èirinneach, An Guth.
O chionn ghoirid tha e air tlachd a thoirt don fhacal Ghàidhlig leis an eadar-theangachadh a rinn e air òrain Bob Dylan bho Knocking on Heaven’s Door gu Carina Carina, She Belongs to Me gu All along the watchtower agus mòran eile. Bidh Rody a’ taisbeanadh cuid den bhàrdachd Dylan aige agus bidh Glasgow Band a’ seinn is a’ taisbeanadh nan òran ann an Gàidhlig.
|